Crodh Gàidhealach - Beairteas nam Beann
A-rèir coltais is ann dubh a bha a’ mhòr-chuid de chrodh Ghàidhealach ach cha robh e na annas feadhainn dhonna, ruadh, bhàna no riabhach fhaicinn. Ann an 1773, sgrìobh an t-Ollamh Somhairle MacIain -a bha na fhear-siubhail agus na sgrìobhadair ainmeil - gum b’e crodh Gàidhealach beairteas nam beann. Dhròbh na Gàidheil an crodh air chois gu margaidhean air oir na Gàidhealtachd far an rachadh an reic. B’e am prìomh mhalairt anns a’ Ghàidhealtachd. An dèidh dha na dròbhairean an crodh a cheannach bhiodh iad air an reamhrachadh air a’ Ghalldachd no ann an Sasainn agus bhiodh a’ mhòr-chuid air an cur dhan taigh-spadaidh. Bha feum air an fheòil ann an àitean mar Lunnainn agus bailtean eile far an robh àireamh an t-sluaigh a’ dol am meud agus cuideachd a chum na saighdearan anns an Airm Bhreatannach a bhiadhadh. Dh’ fhàs dròbhadh na bu chumanta an dèidh Achd an Aonaidh ann an 1707 agus air sàillibh sin bha barrachd malairt eadar Alba agus Sasainn.
Fèill Chraoibhe
Chaidh Craoibh a thaghadh mar cheann-uidhe o chionns gun robh e suidhichte eadar a’ Ghàidhealtachd agus a’ Ghalldachd air oir na crìche Ghàidhealaich. Bha e goireasach dha na dròbhairean is dhan luchd-ceannach às a’ Ghalldachd agus à Sasainn. Bha na deichean de mhìltean bheathaichean air an reic gach bliadhna ann an Craoibhe. Thigeadh iomadach cultar eadar-dhealaichte còmhla aig margadh Craoibhe far an robh iomadh cànan ri chluinntinn mar Albannais, Bheurla agus Ghàidhlig. Dh’ionnsaich iad cuideachd mu dhòigh-beatha càch a chèile. Thachair am Prìomh Chruinneachadh aig Fèill Mhìcheil aig deireadh an t-Sultain no an Dàmhair. Bha fèillean na bu lugha air an cumail anns an Dàmhair is anns an t-Sultain. Ann an 1722 chaidh co-dhiùbh 30,000 crodh a reic aig Craoibh a’ mhòr-chuid gu luchd-ceannach à Sasainn.
An Dròbh
Thoisich dròbhaireachd-cruidh an iomadh ceàrn den Ghàidhealtachd air taobh tuath na h-Albann. Dh’ fhaodadh dròbh mairsinn seachdainean mus ruigeadh na dròbhairean is an crodh am margadh ann an Craoibh. Bha turas cruaidh is cunnartach romhpa air chois is aca ri dhol thairis air aibhnichean, frith-rathaidean, boglaichean, bealaich agus mòintich. Dh’fheumadh iad a bhith glè fhaiceallach oir bha aca ri coimhead as dèidh a ’chruidh is dèanamh cinnteach gum faigheadh iad cothrom ionaltraidh bho àm gu àm. A bharrachd air sin bheireadh Gàidheil eile an crodh “air falbh” leotha no rachadh an goid an toiseach. Chaidh mòran de na rathaidean-dròbhaidh sìos gu Gleann Liadnaig agus às an sin gu Craoibh tro Chomraidh.
Nach orra a thàinig an dà latha.
Aig deireadh na h-ochdamh-linn-deug, ghluais am prìomh fhèill agus a’ mhòr-chuid de mhalairt a’ chruidh à Craoibhe dhan Eaglais Bhric le faisg air 150,000 crodh gan ceannach is gan reic. Chaidh mòran de na beathaichean tro Chraoibh. Ghluais an Fhèill dhan Eaglais Bhric o chionns gun robh e na b’ fhaisge air Dùn Èideann agus na bu ghoireasaiche airson an luchd-malairt à Sasainn. Chaidh dròbhadh as an fhasan timcheall air 1900 oir bha e na b’ fhasa crodh a ghluasad air an rathad-iarainn no air bàtaichean-smùid. Chaidh dròbh sònraichte a chur air dòigh ann an 1981 a lean an rathad dròbhaireachd ainmeil bhon Eilean Sgitheanach a Chraoibh, astar de 200 mìle. Ghabh an dròbh sia seachdainean agus choisich iad mu 12 mìle gach latha. B’e astar slaodach a bh’ ann leis a’ chrodh mar bu thrice a’ siubhal ann an cumadh bogha agus aig mu 1.5 mìle san uair.